capercaillie breisleach şarkı sözleri

Chaidh mi `n-dé dhan choille challtainn Shireadh chnòthan airson biadh Ach `s e bh`air a h-uile geug ach D`aodann-sa gam thriall Chaidh mi `n-dé gu tràigh a`mhaoraich Lòn de choilleagan a bhuain Nochd a h-uile slige neamhnaid D`àilleachd-sa a luaidh Chaidh mi staigh dhan aon taigh-òsda Son do sgiùrsadh as mo cheann H-uile glainne thog mi thaom do Mhaiseachd aist`na deann Chlaon mi tràth a-raoir dhan leabaidh Thusa ruagadh as le suain Ach cha tug thu cead dhormh cadal Gus an dèanainn duan Dh`iarrainn-sa bhith saor od thòireadh Ach gu bheil sinn roinnt o chèll` Do chumadh bhith an àlt`do shamhla Agam bhios an fhèill Dh`fhàg thu mi`nam bhaothair gòrach Bòdhradh chàirdean le do chliù Nuair a thig thu chi lad nach eil Mearachd ann am fhiù Chi iad sgurr a`danns le saobh-shruth Famh is iolair` anns an ruidhl` Stamh gu caomh ag altram sùbh-làir Mireadh mu an sùil Chi lad mis`is thusa sùgradh Bil ri bil are n-anail aoint` Cniadachadh mar seo gu sior le Chèile b`e are maoin
Sanatçı: Capercaillie
Türü: Belirtilmemiş
Ajans/Yapımcı: Belirtilmemiş
Şarkı Süresi: 3:33
Toplam: 102 kayıtlı şarkı sözü
Capercaillie hakkında bilgi girilmemiş.

Fotoğrafı

Albüm Kapağı